Bhean an tighe, fàg an siola,
'M botul làn a tha mi sireadh,
Dh'òlainn deoch-slàinte nan gillean
A dh'imich Di-Luain bhuainn.
Chruinnich còmhlan cridheil, ùrail,
Fonnmhor, farumach, glan, cùirteil,
'S gur e dh'fhàg mi trom fo chùram
An luchd-ciùil bhith bhuapa.
Thainig pàirt dhiubh 'm beul na h-oidhche,
Tacan mu'n do las sinn coinnlean,
'S nam biodh againn mac Iain Doyle,
Gu'n deachaidh roinn air ghluasad.
Gu'n robh feadhainn as gach àit ann,
Fir á Sestico 's á Màbou,
Fir á Siùdaig nam beann àrda
Bhiodh làmhach 's a' chruadal.
Cha robh bhuainn an sin ach fidhleir
Leis an gluaiseamaid 's an rìghle,
'S e bhith cur earbsa á trì dhiubh
Chuir mi fhìn cho luaineach.
Labhair Dòmhgain le guth àrd ruinn
"O'n a tha luchd-ciùil 's a' Bhràighe
Falbhaidh mise leis an làir,
'S thig Peadar Dhaibhidh nuas leam.
"'S nuair a gheibh e cupan tì bhuainn,
Mìr de dh'aran agus ìm air,
'S a ghlacas e 'm bogha-sìth
Gur trom an nì nach gluais leis."
Labhair fear eile, 's e 'g éirigh,
"Théid mi dh'iarraidh Aonghais Pheutain,
'S nuair a nì e tromb a ghleusadh
Eirigh sinn gu luath leis."
"Nuair bhuaileas e i le chorraig,
Seinnidh e ceòl a bhios toilicht' --
'Sud Mar Chaidh an Càl a Dholaidh,'
''S Dhiùlt Am Bodach Cruach Dhomh.'
"Seinnidh e dhuinn 'Calum Brògach',
'Righlidh Cailleach Eachainn Mhòir,
Is 'Nead Na Circe Fraoich' gu h-òrdail,
'S cha bhi móran gruaim air."
Chualas glagaichean ri crònan,
Agus fir ag gabhail òran,
Thàinig na fidhleirean còmhla,
Gillean òga, uallach.
Nuair sheinn Raonull "Calum Crubach",
'S a chaidh ceathrair air an ùrlar,
Rinn mi seasamh air an cùlaibh,
'S thug mi rùn do'n ghluasad.
Fhuair iad ceòl, 's cha robh e cearbach,
Ceòl as am biodh dannsair earbsach,
'S e rud bochd a bh'ann gu dearbh
An Carghus thigh'nn cho luath oirnn.
'S ann bha chaithream anns an rùm ud,
Mar nead chonnspach air a spuilleadh,
'S rinn iad feum bha mór dhe'n ùrlar
Anns an ùine fhuair iad.
'M botul làn a tha mi sireadh,
Dh'òlainn deoch-slàinte nan gillean
A dh'imich Di-Luain bhuainn.
Chruinnich còmhlan cridheil, ùrail,
Fonnmhor, farumach, glan, cùirteil,
'S gur e dh'fhàg mi trom fo chùram
An luchd-ciùil bhith bhuapa.
Thainig pàirt dhiubh 'm beul na h-oidhche,
Tacan mu'n do las sinn coinnlean,
'S nam biodh againn mac Iain Doyle,
Gu'n deachaidh roinn air ghluasad.
Gu'n robh feadhainn as gach àit ann,
Fir á Sestico 's á Màbou,
Fir á Siùdaig nam beann àrda
Bhiodh làmhach 's a' chruadal.
Cha robh bhuainn an sin ach fidhleir
Leis an gluaiseamaid 's an rìghle,
'S e bhith cur earbsa á trì dhiubh
Chuir mi fhìn cho luaineach.
Labhair Dòmhgain le guth àrd ruinn
"O'n a tha luchd-ciùil 's a' Bhràighe
Falbhaidh mise leis an làir,
'S thig Peadar Dhaibhidh nuas leam.
"'S nuair a gheibh e cupan tì bhuainn,
Mìr de dh'aran agus ìm air,
'S a ghlacas e 'm bogha-sìth
Gur trom an nì nach gluais leis."
Labhair fear eile, 's e 'g éirigh,
"Théid mi dh'iarraidh Aonghais Pheutain,
'S nuair a nì e tromb a ghleusadh
Eirigh sinn gu luath leis."
"Nuair bhuaileas e i le chorraig,
Seinnidh e ceòl a bhios toilicht' --
'Sud Mar Chaidh an Càl a Dholaidh,'
''S Dhiùlt Am Bodach Cruach Dhomh.'
"Seinnidh e dhuinn 'Calum Brògach',
'Righlidh Cailleach Eachainn Mhòir,
Is 'Nead Na Circe Fraoich' gu h-òrdail,
'S cha bhi móran gruaim air."
Chualas glagaichean ri crònan,
Agus fir ag gabhail òran,
Thàinig na fidhleirean còmhla,
Gillean òga, uallach.
Nuair sheinn Raonull "Calum Crubach",
'S a chaidh ceathrair air an ùrlar,
Rinn mi seasamh air an cùlaibh,
'S thug mi rùn do'n ghluasad.
Fhuair iad ceòl, 's cha robh e cearbach,
Ceòl as am biodh dannsair earbsach,
'S e rud bochd a bh'ann gu dearbh
An Carghus thigh'nn cho luath oirnn.
'S ann bha chaithream anns an rùm ud,
Mar nead chonnspach air a spuilleadh,
'S rinn iad feum bha mór dhe'n ùrlar
Anns an ùine fhuair iad.