.

Òran do Loch Iall Lyrics

0 deoch-slainte mo ghaisgich,
'S coir a faicinn 'ga lionadh,
Us a c**ail an cleachdadh
Mar fasan da rireadh;
H-uile fear leis nach ait i
F'agam esan an iotadh;
Bhith 'ga h-ol gur h-e b'annsa
Ma's branndaidh no fion i
gur e b'annsa, gur e b'annsa.

'S a Dhomhnuill oig Abraich,
Do shlainte gum faic mi mun'n cuairt i;
An t-og firinneach smachdail
Nach robh tais an am cruadail;
'S beag iongnadh an t-ardan
Bhith gu h-ard ann ad ghruaidhean,
'S a liuthad fuil rioghail
Tha sioladh mu d'ghuillibh.
's a liuthad fuil, 's a liuthad fuil
,p>'S dearbhadh air sin Sliabh a' Chlamhain
Gun d'fhuair sibh barrachd an cruadal,
Thug thu an duthchas o d'sheanair,
B'ard-cheannard air sluagh e;
Tha mo dhuil anns an Trianaid,
Ma's ni thig gu buaidh e,
Gum faic mi thu ad Dhiuca
An deidh an crun ud a bhuannachd.
'is 'nad Dhiuc', 'is 'nad Dhiuc'
Cha b'e siubhal na slainte
Bh'aig a' ghraisg us a'teicheadh,
'S iomadh cota ruadh maduir
Bh'anns an araich gun leithcheann,
Agus slinnein o'n ghualainn
Agus cnuac chaidh a leagail
Le luths nam fear laidir
Ghabh an t-ardan gun eagal.
le luths nam fear, le luths nam fear
le luths nam fear, le luths nam fear
Report lyrics
Glenfinnan (Songs of the '45) (1998)
Òran do Loch Iall Òran air Bhreith a Phrionnsa Tearlaich Òran Eile don Phrionnsa An Fhideag Airgid Alasdair's Tune Clò Mhic 'Ille Mhìcheil Mo Rùn Gael Òg Smuladh Mi's Mi air Maineol Gaelic Psalm Theme