.

Mo Chailin Dileas Donn Lyrics

Gu ma slàn a chì mi
Mo chailin dìleas donn
Bean a chuailein réidh air
An deas a dh'éireadh fonn
'Si cainnt do bheòil bu bhinne leam
An uair bhiodh m'inntinn trom
'S tu thogadh suas mo chridh'
'Nuair bhiodh tu bruidheann riùm
Gur muladach a tà mi
'S mi nochd air aird a' chuain
'S neo-shunndach mo chadal dhomh
'S do chaidreamh fada bhuam
Gur tric mi ort a smaointeach'
As t'aogais tha mi truagh
'Is mar a dean mi d' fhaotainn
Cha bhi mo shaoghal buan
Tacan mu'n do sheòl sinn
Is ann a thòisich càch
Ri innse do mo chruinneag-sa
Nach tillin-sa gu brath
Na cuireadh sud ort gruaimean
A luaidh, ma bhios mi slàn
Cha chùm dad idir 'uat mi
Ach saighead chruaidh a'bhàis
Report lyrics
Nàdurra (2000)
Skye Waulking Song Hope Springs Eternal Michael's Matches Tighinn air a' Mhuir am Fear a Phòsas Mi Hoireann O Truth Calling Argyll Lassies Mo Chailin Dìleas Donn Rapture The Hollybush Gaol Troimh Aimsirean The Cockerel in the Creel