.

O Tha Mo Dhuil Ruit (Oh How I Love Thee) Lyrics

(Traditional)

O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Caomh leam an t-òigear
Dh'fhalbh uainn Di-Dòmhnaich
'S e bhi nochd a' seòladh
Thug deòir mo léirsinn

O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile

Gheall e bhi dìleas
'S cinnt leam gur fìor e
Ged tha mi 'n diugh fo mhì-ghean
Gun sgrìobhadh 'o méudail

O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
'S diomhain bhi tùrsach
'S deòir air mo shùilean
Chaoidh cha chuir e cùl rium
Mo run-sa cha tréig mi

O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile

Com as grinne nàdur
Beul as binne mànran
Rognaich mi thar chàche
'S gur tràth thag mi spéis da
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile

Gann biodh ar storas
Mòr bidh ar sòlas
Gach làtha mar bu chòir dhuinn
A' còmhnadh a chéile

O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Report lyrics