.

Òran a' Phiognaig Lyrics

Chorus (after each verse):
Irinn àrainn ù ho ro
Irinn àrainn ù ho ro
Irinn àrainn ù ho ro
'S e 'n ora mhòr a'phiognaig
Bha iad ann as gach àit'
Aonghus Ciobair 'us Mac Aoidh
Mac 'Illfhinnein agus Sam
'Us càit an d'fhàg sibh Jamieson?

Chaidh mi nunn a hall an danns'
Cha robh dùil a'm a dhol ann
Cha robh ann mo chàirdean ach gann
Cha robh ann a b'aithne dhomh

'S tha mo dhuine s' an duigh tinn
'S e chuir mise 'n seo leam fhìn
'S ged a ghabadh esan spree
'S ann bho 'n tir a mhisseadh e
Ach nuair a bha e òg 'na shlaint'
Chuireadh e sealladh air pàisd'
Chuireadh e 'n t-sabaid 'na tàmh
'S iomadh làtha 'thachair e

'S an àm bhith suidh' aig a'bhòrd
Far robh bradan ann 's gach seòrs'
'S mi cho aineolach 'nam dhòigh
'S e mo chrog a ghabh mi dha
'S bha na waiters cho trang
Cha bhruidhneadh iad rium mo theang'
Thuirt mi fhìn ri té bha thall
Gu robh mi call mo mhisneach

'S ged nach biodh mo sporan làn
Gheobhainns' meas cho luath ri càch
Notaichean 'us airgead bàn
Dheanadh fuaim 's gliogadaich

Feadhainn dhiubh a chuir rud ann
Bha an cuid soithichean air chall
Boireannaich a null 's a nall
An aimhreit's an trioblaid
Report lyrics
Òrain Ghàidhlig (2001)
Dh'fhalbh Mo Nighean Chruinn, Donn An Cluinn Thu Leannain? A Mhnathan a' Ghlinne Seo Illean Aigh Cead Deireannach nam Beann A Fhleasgaich Uasail Puirt Eos Peadair (Joe Peter's Tunes) Ho Ro Mo Chuid Chuideachd Thu Gun Chrodh Gun Aighean Òran a' Phiognaig Am Bràighe Nighean Dubh, Nighean Donn